Logo: An Seotal

Goireasan

Image: An Seotal Resources

Airson na goireasan as ùire againn, tadhal air www.gaelic.education

Cànan

Facal air an Fhacal - Leabhar – ’S urrainn dhut cànan a bhruidhinn gun a bhith eòlach air grammar ach faodaidh grammar a bhith na chuideachadh mòr, gu h-àraidh ma tha thu ag ionnsachadh no a’ teagasg cànain. Chun a seo cha robh a leithid a rud ann ri leabhar grammar sìmplidh stèidhte air Gàidhlig an latha an-diugh. Chaidh Facal air an Fhacal a chur ri chèile airson am beàrn sin a lìonadh. Chaidh a sgrìobhadh le neach-teagaisg òg ann an Oilthigh Ghlaschu, Michel Byrne, le comhairle bho luchd-teagaisg. Chaidh Facal air an Fhacal a dhealbh gu h-àraidh airson tidsearan agus airson sgoilearan àrd-sgoile – a tha an ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig mu thràth – ach tha a h-uile coltas gum bi e feumail ann am bun-sgoiltean agus do inbhich cuideachd.

Facal air an Fhacal – Duilleagan-obrach – Tha am pasgan seo stèidhichte air an leabhar Facal air an Fhacal le Michel Byrne. ‘S i an fheallsanachd a tha air cùl nan duilleagan-obrach seo gu bheil an obair air grammar ag èirigh a-mach às na h-earrannan-leughaidh. Cuideachd, tha gach earrann-leughaidh ceangailte ri duilleagan anns an leabhar Facal air an Fhacal, agus nuair a tha na sgoilearan a’ dèanamh nan duilleagan-obrach bu chòir an leabhar a bhith aca cuideachd, gu dearbh bhiodh e math nam biodh e an-còmhnaidh fosgailte air am beulaibh.

Gràmar na Gàidhlig – B’ e Facal air an Fhacal a’ chiad ghràmar Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig. Chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna 2000 le SRG agus Acair. Tha an t-ùghdar, Michel Byrne, a-nis a’ toirt dhuinn leabhar eile, an turas seo le mìneachadh Beurla ach a’ gleidheadh nan eisimpleirean sa Ghàidhlig. Bidh e air leth feumail do thidsearan agus sgoilearan àrd-sgoile agus bidh e na dheagh leabhar-fiosrachaidh do luchd-ionnsachaidh.

Gràmar na Gàidhllig (Leabhar-obrach) – Tha an leabhar seo stèidhichte air an dara foillseachadh den leabhar Gràmar na Gàidhlig le Michel Byrne, a chaidh fhoillseachadh le Stòrlann/Acair ann an 2004. Bu choir an leabhar seo de dh’eacarsaich a bhith air a chleachdadh an cois Gràmar na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil tuigse aig gach sgoilear air na puingean gràmair a tha ag èirigh anns gach earrainn. Tha am mìneachadh gu lèir sa Bheurla leis na h-earrannan leughaidh is na h-eisimpleirean sa Ghàidhlig. Faodar coimhead ri duilleagan-cùil an leabhair airson nam freagairtean, far a bheil sin iomchaidh. Bidh e air leth feumail do thidsearan agus sgoilearan aig ceann-shuas na h-àrd-sgoile a bharrachd air a bhith na dheagh thaic do luchd-ionnsachaidh.

Seadh – Chaidh am pac seo a dheasachadh do chloinn a tha air tighinn a-steach don àrd-sgoil. Tha an cùrsa air a chruthachadh leis an fheallsanachd piseach ’s leasachadh a thoirt air a’ chloinn le sgilean cànain ann an Gàidhlig tro leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt. Tha trì aonadan ann – Rosg, Bàrdachd agus Beachdan.

Ceumannan 1 - A’ chiad leabhar ann an cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil.  Tha an cùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.  Gheibhear obair leudachaidh agus fiosrachadh eile mun chùrsa air-loidhne aig www.storlann.co.uk  

Ceumannan 2 - An dàrna leabhar ann an cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil.  Tha an cùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.  Gheibhear obair leudachaidh agus fiosrachadh eile mun chùrsa air-loidhne aig www.storlann.co.uk/ceumannan

Ceumannan 3 - An treas leabhar ann an cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil.  Tha an cùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.  Gheibhear obair leudachaidh agus fiosrachadh eile mun chùrsa air-loidhne aig www.storlann.co.uk/ceumannan

Ceumannan 4 - An ceathramh leabhar ann an cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil. Tha an cùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Gheibhear obair leudachaidh agus fiosrachadh eile mun chùrsa air-loidhne aig www.storlann.co.uk/ceumannan

Smeòrach Mi - Tha bàrdachd a’ chruinneachaidh seo a’ toirt thugainn ghuthan o dhiofar amannan agus dhiofar dhùthchannan fo dheich cinn a cheanglas ri obair aig an Ard-ìre agus a bheir cothrom do leughadairean eile coimeas a dhèanamh eadar na th’ aig na h-amannan agus na h-àiteannan sin ri ràdh mu iarrtasan buan ann an nàdar an duine. Am measg nan 150 dàn tha bàrdachd le fir is mnathan, le bàird ainmeil leithid Shomhairle MhicGillEain agus Ruaraidh MhicThòmais agus le bàird nach do nochd ann an cruinneachadh Gàidhlig a-riamh roimhe. Tha ro-ràdh fo gach ceann, fiosrachadh mu eachdraidh-beatha gach bàird, notaichean-taice agus beag-fhaclair mu choinneamh gach dàin.

Eadar Dà Sgeul - This book contains a selection of short stories in Gaelic, some of which have appeared in various publications over the years and some which have been newly written. Stòrlann chose stories that would be suitable for pupils in secondary schools to encourage them to think about the way the stories are written and to get enjoyment from this type of reading. Extension work for the stories can be found online at www.storlann.co.uk

Mar a chuala mise e - Cò bhios a’ toirt phreusantan Nollaige do chloinn na Ruis?  Ciamar a dhèanadh tu fortan à aon shìlean eòrna? Carson a bhios muinntir Shìona a’ peantadh thaighean is craobhan-seilich air na truinnsearan aca? Thig còmhla rinn thar thìrean is chuantan le cruinneachadh de sgeulachdan bho gach ceàrn dhen chruinne agus gheibh thu freagairtean nan ceistean sin uile, agus tòrr a bhàrrachd cuideachd…

Ceàird an Sgrìobhaiche - Cruinneachadh de chòrr is 30 teacsa a ghabhas cleachdadh ann an obair Leughaidh Cho-roinnte agus Sgrìobhaidh Cho-roinnte aig ceann shuas na bun-sgoile agus ceann shìos na h-àrd-sgoile. Tha na teacsaichean anns an leabhar ann an ceithir roinnean; neo-fhicsean, ficsean, bàrdachd agus sgeulachdan à beul-aithris na Gàidhlig. Tha cùl-sgeul a’ mìneachadh cò às a thàinig an earrann, beagan mun t-seòrsa sgrìobhaidh agus fiosrachadh mun ùghdar. Tha beachdan feumail ann do thidsearan air dòighean san gabh leughadh nan sgoilearan a stiùireadh tro chòmhradh, dràma, ghnìomhan is eile. Cuideachd, goireas a bheir beachdan do thidsearan airson obair litreachais san fharsaingeachd, me dòighean air bàrdachd ‘Can gun robh’ no ‘Smeòrach Mi’ a chleachdadh.

SQA Past Papers – Seann phàipearan deuchainn SQA le freagairtean. Ìre Choitcheann - Gàidhlig/Gaelic (Luchd-ionnsachaidh) 2007-2010

Fo-dheuchainnean Luchd-ionnsachaidh - CDan Gàidhlig agus Beurla

Fo-dheuchainnean nam Fileantach - CDan

Nobhailean:

Fo Bhruid - Sgeulachd ainmeil Robert Louis Stevenson ‘Kidnapped’ air a h-ath-innse san latha an-diugh.

A’ Chorrag Chrosta – Tionndadh Gàidhlig air ‘The Magic Finger’ le Roald Dahl. Tha an leabhar seo freagarrach dha ceann shuas na bun-sgoile agus ceann shìos na h-àrd-sgoile.

Mus Tig An Oidhche - ’S e seanchas mu chàirdeas agus dìlseachd a tha seo. Tha an càirdeas eadar Anndra, Iain agus Màiri air a thoirt gu iomall a chomais, agus tha seo a’ cur fìor èiginn air an triùir aca ann an suidheachadh air leth annasach. ’S e tionndadh Gàidhlig air ‘Before Night Falls’ le Keith Gray a tha seo.

Dùbhlan an t-Srainnseir – B’ e fìor charaidean a bh’ ann an Sìm agus Fionnlagh.  Ach, cha robh mòran earbsa aca ann an Dol-Angaidh, uncail Fhionnlaigh, a bha air nochdadh sa bhaile an dèidh bliadhnaichean air falbh.  Le beagan rannsachaidh, gheibheadh na balaich a-mach air an son fhèin an e rògaire dha-rìribh a bh’ ann.

Cuach a’ charthannais – Bha Ceit is Anna mòr aig a chèile ged nach robh pàrantan Anna a’ saoilsinn cus dhen chàirdeas eatarra.  Nuair a nochd cothrom san sgoil, bha a’ chlann-nighean, cuide ri càch, eudmhor gus airgead a thogail do charthannas.  Ach an dùil dè thachair do chrogan Anna agus cò bu choireach ris?

Mealladh – Sgeulachdan Goirid Ùra. ’S e taghadh de sgeulachdan goirid ùra, tarraingeach a tha seo bho sgrìobhadairean ùra mar Caron NicFhionghain agus Daibhidh Màrtain, agus bho sgrìobhadairean eòlach mar Dòmhnall Iain MacÌomhair.

Dànaidh, Laoch an t-Saoghail – Tionndadh Gàidhlig air ‘Danny, the Champion of the World’ le Roald Dahl. Tha an leabhar seo freagarrach dha ceann shuas na bun-sgoile agus ceann shìos na h-àrd-sgoile.

Chithear na nobhailean agus leabhraichean Gàidhlig eile a tha Stòrlann air fhoillseachadh ann an seo: http://www.storlann.co.uk/goireasan/index.html

Postairean:

Roimhearan fillte

Na Diofar Thràthan

Is agus Bi

Ainmearan leis an Alt

Gnìomh-ainmearan

Anns a bhaile (Ceumannan)

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Ceòl

An Fhìdeag Albannach - Leis an leabhar seo, faodaidh tu ionnsachadh mar a leughas tu ceòl, no faodaidh tu fuinn ionnsachadh le bhith a’ cleachdadh àireamhan (no an dà chuid!). ‘S e rud ùr mun leabhar seo gu bheil an dà chuid taobh ri taobh air an duilleig. Ann an ùine ghoirid bidh thu air chomas puirt shìmplidh a chluich.

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Coimpiutaireachd

Image: An Seotal Resources

Leabhran briathrachas eadar-lìn – stiùireadh feumail air facail Ghàidhlig air an eadar-lìon.

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Cruinn-eòlas

Ceanglaichean – Chaidh Bun-Chruinn-Eòlas a sgrìobhadh le feuman thidsearan agus sgoilearan san amharc. ’S e cùrsa coimhleanta a tha ann a tha:

• comasach air a chleachdadh an caochladh dhòighean

• a’ gluasad gu conbhalach bho cheum gu ceum

• dathte, tarraigeach agus tlachdmhor ri chleachdadh

• freagarach do chloinn le diofar chomasan a tha ag obair aig diofar ìrean

• a’ brosnachadh sgoilearan gus rudan fhaighinn a-mach tro rannsachadh

• a’ chleachdadh raon fharsaing de dhòighean-teagaisg

• a’ toirt taic do luchd-teagaisg

Bunaitean – Chaidh Bun-Chruinn-Eòlas a sgrìobhadh le feuman thidsearan agus sgoilearan san amharc. ’S e cùrsa coimhleanta a tha ann a tha:

• comasach air a chleachdadh an caochladh dhòighean

• a’ gluasad gu conbhalach bho cheum gu ceum

• dathte, tarraigeach agus tlachdmhor ri chleachdadh

• freagarach do chloinn le diofar chomasan a tha ag obair aig diofar ìrean

• a’ brosnachadh sgoilearan gus rudan fhaighinn a-mach tro rannsachadh

• a’ chleachdadh raon fharsaing de dhòighean-teagaisg

• a’ toirt taic do luchd-teagaisg

Àiteachan – Sgrìobhte a dh’aon ghnothach airson sgoiltean ann an Alba agus air a chur air dòigh le na h-ùghdaran an co-bhonn ri luchd-teagaisg ann an Alba, tha Bun-Chruinn-Eòlas – Àiteachan Foillseachadh Albannach:

• A’ toirt a-steach earrann ùr air àiteachan ann an Alba

• A’ toirt fiosrachadh mionaideach agus nua-aimsireil air Brasil, Kenya, An Eadailt agus Iapan

• A’ toirt aonad air leth air leasachadh an t-saoghail

• A’ leantainn dreach agus cumadh sreath Bun-Chruinn-Eòlas

• Freagarrach dha sgoilearan a tha ag obair aig diofar ìrean

• A’ cleachdadh raon farsaing de dhòighean-teagaisg

Eadar-cheanglaichean Ùra – Chaidh Eadar-cheanglaichean Ùra a sgrìobhadh le feuman thidsearan agus sgoilearan san amharc. ’S e cùrsa coileanta a tha ann a tha:

• comasach air a chleachdadh ann an caochladh dhòighean

• a’ gluasad gu cunbhalach bho cheum gu ceum

• dathte, tarraingeach agus tlachdmhor ri chleachdadh

• freagarrach do chloinn le diofar chomasan a tha ag obair aig diofar ìrean

• a’ brosnachadh sgoilearan gus fiosrachadh fhaighinn tro rannsachadh

• a’ cleachdadh raon fharsaing de dhòighean teagaisg

• a’ toirt taic do luchd-teagaisg

Ionnsaich mu Iàpan – Làn de dhiofar sheòrsachan rudan ri dhèanamh, tha an leabhar a’ cur cudthrom air a bhith a’ leasachadh bhun-sgilean agus dòighean cruinn-eòlach mar a bhith a’ mìneachadh dhealbhan-camara, a’ sgrùdadh artaigilean, a’ leughadh mhapaichean, a dèanamh ghrafaichean agus chlàran, a’ cleachdadh TF, a’ rannsachadh agus a’ taisbeanadh fiosrachadh.

National Geographic – Sreath ag innse mar a chleachdas sinn stòrasan na talmhainn:

Roinn-cuain Ghraonlainn

Fàsaichean Astràilia

Coilltean-uisge Indonìsia

Beanntan Pheru

National Geographic – Beathaichean nan àrainn fhèin:

Beathaichean a’ Chuain

Beathaichean an Fhàsaich

Beathaichean na Coille-uisge

Beathaichean na Coille

Atlas Sgoile Oxford - Atlas iomlan a tha furasta a chleachdadh airson sgoilearan 10-14 bliadhna

Cruinne - Sgaoil Stòrlann cruinne gu sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean air feadh Alba. B’ e an t-amas gum biodh fear anns a h-uile sgoil-àraich agus clas Gàidhlig bun-sgoile, agus feadhainn ann an àrd-sgoiltean a bha a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

Map-balla an t-Saoghail

Mapa Gàidhlig de dh’Alba - Mapa Gàidhlig de dh’Alba le ainmean-àite, cumadh tìre agus grunnd na mara, dòighean siubhail agus ùghdarrasan ionadail.

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Eachdraidh

Seallaidhean à Eachdraidh – Mar a tha an tiotal ag innse, ’s e seallaidhean à eachdraidh a tha seo, a’ tabhann cothrom sùil a thoirt air sia cuspairean eadar-dhealaichte, bho Sgara Brae ann an Linn na Cloiche gu Aonadh Pàrlamaidean na h-Alba is Shasainn ann an 1707. Chaidh na cuspairean a thaghadh ri linn ’s gu bheil gach aon dhiubh air a bhith air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba, a’ gabhail a-steach thachartasan a tha air cumadh a thoirt air leasachadh na dùthcha agus a tha fhathast a’ toirt buaidh oirre.

Càirdeas Eadar-nàiseanta – Chaidh an t-sreath leabhraichean taitneach Eachdraidh dhan Ìre Choitchinn a sgrìobhadh gu sònraichte do sgoilearan a tha an sàs ann an cùrsaichean aig an Ìre Choitchinn agus tha iad a’ còmhdach raon farsaing de dh’eachdraidh. Tha iomraidhean faicsinneach agus sgrìobhte ann an lùib na h-aithris; còmhla riutha sin tha ceistean agus obair. Tha stuthan a tha freagarrach do Bhun/Meadhan/Sàr Ìre ann airson an cleachdadh aig gach inbhe.

Na Meadhan Aoisean – Ionnsaichidh sibh bhon leabhar seo mu dhaoine, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan anns na Meadhan Aoisean – bho uachdranachd nan Sasannach air A’ Chuimrigh gu strì nan Albannach, ’s iad a’ feuchainn rin cuid soars a ghleidheadh; bho uabhas a’ Bhàis Dhuibh gu na tursan treun aig Marco Polo.

An Seann Saoghal – Ionnsaichidh sinn on leabhar seo mu dhaoine, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan anns an t-Seann Shaoghal – on chiad dhaoine a bha ann an Alba gu saoghal rianail nan Ceilteach; o bhuaidh agus o bheachdan na Ròimhe agus na Grèige gu làithean sìobhalta nan Sìonach. Anns an leabhar seo gheibh an leughadair a-mach air a shon fhèin an fhianais a chuidich eachdraichean gus eòlas a ghabhail air na daoine a bha ann uaireigin.

Linn nan Caochlaidhean Mòra (Imprint/Stòrlann) - Anns an leabhar seo ionnsaichidh tu mun t-sluagh, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan ann an Linn nan Caochlaidhean Mòra. Leughaidh tu mu strì nan Seumasach air Ghàidhealtachd na h-Alba agus mu na caochlaidhean mòra a thug buaidh air gnìomhachas agus air obair an fhearainn air feadh Bhreatainn. Ionnsaichidh tu, cuideachd, mu chùisean poilitigeach a thug gu crìch riaghladh Bhreatainn ann an Ameireaga agus mu thachartasan cudromach san Fhraing a chuir às don t-seann dòigh-beatha agus a dh’fhàg an Roinn Eòrpa fo eagal.

Rìoghachd na h-Alba anns na Meadhan-Aoisean 400-1450 - Is e sreath ùr, inntinneach a tha ann an Eachdraidh Alba Heinemann, sgrìobhte gu sònraichte airson sgoilearan ann an AS1 agus AS2. Tha an t-sreath air a dealbh mar thoradh air uallach mu adhartas aig an ìre seo agus airson cothrom a thoirt do thidsearan Eachdraidh a theagasg ann an dòigh a bhios a’ brosnachadh na cloinne.   

A’ Ghearmailt 1918-39 – Tha an leabhar seo, anns an t-sreath Eachdraidh Alba Heinemann,a’ dèiligeadh ri atharraichean poilitigeach, eaconamach agus sòisealta anns a’ Ghearmailt eadar 1918 is 1939 agus a’ bhuaidh a bh’ aca sin air sluagh na dùthcha.  Tha an leabhar freagarrach airson nan Ìrean Nàiseanta 4 agus 5.                             

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Eaconamas Dachaigh

Pasgan Eaconamas Dachaigh - Aonadan air an sgrìobhadh le buidheann comhairleachaidh Eaconamas Dachaigh:

Dealbh is Dèan                                 

Mathas

Daithead na h-Alba        

Cùisean Uaine

Slàinteachas Bìdh            

Teicneòlas Aodach Fighte

Reasabaidhean

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Eòlas Pearsanta & Sòisealta

Cuisean 1 – 5 - Tha an cùrsa Cùisean air a dhealbhadh airson a chleachdadh ann am bliadhnaichean an dèidh a chèile, ach tha cruth nan leabhraichean fosgailte gu leòr airson leigeil le tidsearan taghadh a dhèanamh às na h-aonadan. Leis gu bheil gach aonad coileanta ann fhèin, faodar an cleachdadh cuideachd le tidsearan chuspairean sònraichte a tha a’ teagasg nan tèamaichean eadar-chuspair air leth bho chèile, no le buidhnean thidsearan a tha gan teagasg ann an roinn-thìde fhada air a’ chlàr-ama.

National Geographic – Obair nan Ceallan:

Craiceann

Fèithean

Fuil

Cnàmhan

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Matamataig

Faclair Matamataig – B’ e iarrtas bho sgoilearan, bho thidsearan agus bho phàrantan airson barrachd stiùiridh a thaobh a’ bhriathrachais a tha air a chleachdadh ann an sreath Matamataig Heinemann Alba a thug oirnn am Faclair seo a chur ri chèile. Bha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus iadsan a tha ag obair anns na meadhanan cuideachd air ùidh a nochdadh ann an leithid de dh’obair. Chan eil fada bho thòisicheadh air Matamataig tro mheadhan na Gàidhlig a theagasg sna sgoiltean, ’s mar sin tha sinn an dòchas gun do rinn sinn toiseach-tòiseachaidh air obair a thèid ath-nuadhachadh ’s a leasachadh mar as motha do ghoireasan matamataig a thig am follais.

Teejay Ìre B (5-14) - Tha an leabhar seo a’ còmhdach Ìre B anns an t-sreath Matamataig 5-14.  Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha Caibideil O.  Anns an earrainn seo bidh na sgoilearan a’ ruith thairis air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre A.  Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh mus tòisich iad air obair Ìre B.

Teejay Ìre C (5-14) - Tha an leabhar seo a’ còmhdach Ìre C anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha Caibideil 0. Anns an earrainn seo bidh na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre B. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh mus tòisich iad air obair Ìre C.

Teejay Ìre D (5-14) - Tha an leabhar taitneach, dathach seo a’ còmhdach a h-uile càil a dh’fheumas sgoilearan a dhèanamh airson Ìre D a choileanadh anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha caibideil anns am bi na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre C. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh airson a dhol an sàs ann an obair Ìre D.

TeeJay Ìre E (5-14) - Tha an leabhar seo a’ còmhdach Ìre E anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha Caibideil O. Anns an earrainn seo bidh na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre D. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh mus tòisich iad air obair Ìre E.

Teejay Ìre F (5-14) - This volume covers Level F in the Mathematics 5-14 series. It is anticipated that pupils will take about a year to complete it. The book begins with Chapter 0 which gives a brief review of the topics covered at level E. This is a good preparation for them before they begin the work at Level F.

Postairean:

Postair: Dè an uair a tha e?

Postair: Cumaidhean

Postair: Clàr nan uireadan

Postair: Aireamhan 1 gu 100

Postair: Bloighean ● Deicheadan

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Nuadh-eòlas

Briathrachas Nuadh-eòlas

Modern Studies list

Glosaraidh Gàidhlig - Beurla

Nuadh Eòlas AS1 – AS2: (Nelson Thornes/Stòrlann) - Bhuannaich Nuadh-eòlas AS1-AS2 duais nàiseanta nuair a chaidh a thaghadh mar aon de na leabhraichean sgoile a b’ fheàrr a nochd ann an 2004. Tha, an dà chuid, tidsearan agus sgoilearan air a bhith glè mheasail air. Tha an leabhar a-nis air ath-dheasachadh agus tha fiosrachadh air ùrachadh san fhoillseachadh tharraingeach seo. Tha a h-uile càil a bha cudromach mun chiad fhoillseachadh air a ghleidheadh agus tha aonadan ùra mu chuspairean tarraingeach air an cur ris. An lùib nan cuspairean ùra bidh sgoilearan ag ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba agus mun bhuaidh a tha aig ceannairc air saoghal an latha an-diugh.

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880

Saidheans

Leabhar an Sgoileir – Saidheansan Ìre 2 – Ìre 3 (Hodder Gibson/Stòrlann) - Bidh an leabhar seo na chuideachadh do luchd-ionnsachaidh a bhios a’ coileanadh Bhuilean agus Eòlasan airson nan saidheansan aig Ìre 2 agus Ìre 3 den Churraicealam airson Sàr-mhathais.  Tha e air a roinn na thrì earrannan: An Talamh agus am Fànas, Lùth agus Forsaichean, agus Rudan Beò agus Pròiseasan Beatha. Tha am fiosrachadh air a chur ri chèile ann an dòigh tharraingeach a tha iomchaidh airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-ionnsachaidh air chomas an eòlas agus an tuigse air na cuspairean saidheansail a thoirt air adhart.

Tha luchd-ionnsachaidh air am brosnachadh gu bhith a’ togail cheistean mun àrainneachd gus gum bi tuigse nas fheàrr is beachdan fiosraichte aca mun t-saoghal anns a bheil sinn beò. Tha caibideilean sònraichte a’ dèiligeadh ri sgilean rannsachaidh agus bidh an luchd-ionnsachaidh a’ planadh agus a’ dèanamh dheuchainnean cothromach, agus ag ionnsachadh mar a mheasas agus a chlàras iad na toraidhean aca. Tha na h-earrannan feumail seo nam pàirt de na caibideilean:

·  Fiosrachadh bunaiteach: geàrr-chunntas den fhiosrachadh sa chaibideil

·  Faclan feumail: briathrachas ùr cudromach air a mhìneachadh

·  Ceistean: ceistean agus gnìomhan airson ionnsachadh a dhaingneachadh

National Geographic – Sreath ag innse mar a chleachdas sinn stòrasan na talmhainn:

Roinn-cuain Ghraonlainn

Fàsaichean Astràilia

Coilltean-uisge Indonìsia

Beanntan Pheru

National Geographic – Obair nan Ceallan:

Craiceann

Fèithean

Fuil

Cnàmhan

National Geographic – Beathaichean nan àrainn fhèin:

Beathaichean a’ Chuain

Beathaichean an Fhàsaich

Beathaichean na Coille-uisge

Beathaichean na Coille

Pasgan Lùth Ath-nuadhachail - Pasgan le fiosrachadh, geamannan agus gnìomhachdan co-cheangailte ri ionnsachadh mu luth ath-nuadhachail, airson tòiseach tòiseachaidh de thuigse a thoirt dha sgoilearan air saidheans agus cruinn-eòlas. ’S ann air ceann shuas na bun-sgoile agus ceann shìos na h-àrd-sgoile a tha e ag amas.

Daydream Saidheans Ìre 2-3 - DVD - Tha Daydream Education air na Postairean Saidheans soirbheachail aca a chur còmhla ris a’ Bhathar-bhog Eadar-ghnìomhail as ùire gus dòigh teagaisg gu tur ùr a lìbhrigeadh. Tha na Pasgain Susbaint Eadar-ghnìomhail a’ ceadachadh làn eadar-ghnìomhachd le teacsa, grafaigean, beò-dhealbhan agus ceistean.

Cùrsa airson Saidheans Ìrean D-E – Airson clàr-geal - Chaidh an cùrsa seo a dhealbh airson a bhith na ghoireas a chleachdar air clàr-geal fo stiùir an tidseir. Chaidh a leasachadh air stèidh 5-14 ach aig a’ cheart àm rinneadh oidhirp gus prionnsapail Curraicealam airson Sàr-mhathais a ghabhail a-steach, far an robh iad seo air am foillseachadh aig àm an sgrìobhaidh.

Postairean:

Clàr nan Eileamaidean

Ri thighinn:

Saidheans 5 – 14 Leabhar an Sgoilear S2 (Hodder Gibson/Stòrlann)

Sgeama Saidheans Ghlaschu

Faodar goireasan bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880